Tha an goireas seo do sgoilearan a tha ag obair aig ìre A le leudachadh gu ìre B/C.
Bidh na sgoilearan a’ cur ainm agus facal-faire a-steach agus mar sin thèid fiosrachadh mu na gnìomhachdan a thèid a choileanadh leotha a chumail air clàr cruaidh a' choimpiutair.
Chan fhaic na sgoilearan am fiosrachadh seo ach chì na tidsearan am fiosrachadh ma thèid iad a-steach dhan làraich fon ainm Tidsear. Tha an dàta ag innse an latha a choilean iad gnìomhachd, an ùine a thug iad, agus na freagairtean a thug iad seachad.
Tha na gnìomhachdan stèidhichte air fèill. Cliogaidh na sgoilearan air stàile airson gnìomhachd a thaghadh. ’S iad seo na stàilichean:

Àireamhan gu 10 / gu 20
Anns a’ chiad 4 gnìomhachdan, taghaidh na sgoilearan an tunnag a tha ceart a rèir an stiùiridh a gheibh iad.
| Maidseadh fhacal | an tunnag air a bheil an aon àireamh ris a’ bhòrd, m.e. aon ri 1 |
|---|---|
| Aonan nas motha | an tunnag air a bheil an àireamh a tha aonan nas motha na an àireamh a th’ air a’ bhòrd
|
| Aonan nas lugha | an tunnag air a bheil an àireamh a tha aonan nas lugha na an àireamh a th’ air a’ bhòrd |
| Stòraidhean | an tunnag air a bheil na h-àireamhan a tha a’ dèanamh na h-àireimh a th’ air a’ bhòrd, m.e. tunnagan le 0+2, 1+1, 2+1, 3 air a’ bhòrd |
Na tunnagan bàna
Slaodaidh na sgoilearan na h-àireamhan cearta chun nan tunnagan bàna airson na
tunnagan a chur ann an òrdugh.
| 1 à 3 | 3 tunnagan anns an lòn, 2 air a bheil àireamhan, 1 a tha bàn |
|---|---|
| 1 à 4 | 4 tunnagan anns an lòn, 3 air a bheil àireamhan, 1 a tha bàn |
| 2 à 4 | 4 tunnagan anns an lòn, 2 air a bheil àireamhan, 2 a tha bàn |
Aig Lòn nan Tunnag faodaidh na sgoilearan cumail orra gus am faigh iad am freagairt ceart ach bidh an sgòr air a thoirt seachad anns an riochd 4 a-mach à 5 air a’ chiad oidhirp.
Faodaidh na sgoilearan gèam eile dhen aon sheòrsa a chluich (Tòisich às ùr) air neo faodaidh iad tilleadh dhan phrìomh chlàr (Till).

Cur-ris gu 10, Cur-ris gu 20, Toirt air falbh
Tha trì eich a’ dèanamh rèis agus thèid innse do na sgoilearan dè an t-each a th’ acasan. Bidh na h-eich a’ gluasad às dèidh gach freagairt. Ma bhios am freagairt ceart, gluaisidh an t-each aca air adhart, ach mura bi, gluaisidh na h-eich eile air thoiseach.
Ma nì na sgoilearan gu math, buannaichidh an t-each acasan an rèis, agus mura dèan, buannaichidh each eile. Chan fheum gach freagairt a bhith ceart airson an rèis a bhuannachadh.
Feumar am ball a roiligeadh agus thèid am ball sìos toll air a bheil àireamh eadar 1 agus 10. Roiligidh iad am ball aon uair eile gus àireamh eile fhaighinn. Thèid iarraidh air na sgoilearan a’ chiad àireamh a chur ris an dàrna tè, no an dàrna tè a thoirt air falbh bhon chiad tè. Feumaidh iad am freagairt ceart a thaidhpeadh air an sgrion.
Chan eil dàrna cothrom ann air freagairt a thoirt ma bhios iad ceàrr, ach cluinnidh iad am freagairt ceart. Gluaisidh na h-eich a rèir an fhreagairt a chaidh a thoirt seachad.
Nuair a bhios an rèis seachad, faodaidh na sgoilearan rèis ùr a thòiseachadh (Cluich a-rithist), air neo faodaidh iad tilleadh dhan phrìomh chlàr (Till).

Làimhseachadh dàta
Tha spotan dathte air an t-seacaid aig Calum Cleasaiche. Seallaidh sgoilearan air graf cia mheud spot de gach dath a th’ air an t-seacaid. Cliogaidh iad aon uair air spot aig bonn a’ ghraf airson gach spot den dath sin. Ma chuireas iad spot a bharrachd dhan ghraf, feumaidh iad a thoirt air falbh.
Gheibh iad trì cothroman air a’ ghraf a lìonadh agus mura bi iad ceart às dèidh sin, thèid am freagairt ceart a thoirt dhaibh.
An uair sin, cuiridh iad na h-àireamhan mu choinneimh gach dath. Tha saighdean gus an àireamh a thaghadh, air neo faodaidh iad an àireamh a chur anns a’ bhogsa. Mura bi iad ceart às dèidh trì cothroman, thèid am freagairt ceart a thoirt dhaibh.
Ma choileanas iad a’ ghnìomhachd mar bu chòir, gheibh iad bailiùn. Thèid na sgoilearan tron ghnìomhachd 3 tursan le spotan eadar-dhealaichte air seacaid Chaluim agus nuair a bhios iad ullamh, thèid innse dhaibh cia mheud bailiùin a bhuannaich iad.
Faodaidh iad an geama a chluich a-rithist air neo tilleadh dhan phrìomh chlàr.

Fuasgladh Cheist
Tha trì cearcallan dearga, trì cearcallan gorma agus trì cearcallan buidhe ann. Tha naoi cnagan air bòrd. Feumaidh na sgoilearan na cearcallan a chur air na cnagan air dhòigh ’s nach bi ach aon chearcall de gach dath anns gach sreath agus anns gach colbh.
Bidh na sgoilearan a’ cliogadh air cearcall airson a thaghadh agus an uair sin bidh iad a’ cliogadh air cnag airson an cearcall a chur oirre. Cliogaidh iad air cearcall a-rithist ma bhios iad airson a thoirt far na cnaig. Feumaidh iad cliogadh air Lean Ort às dèidh dhaibh a’ chiad chearcall a chur air cnag. Ma bhios iad air cearcall a thaghadh, feumaidh iad a chur air cnag mus urrainn dhaibh cearcall eile a thoirt far cnag.
Nuair a bhios na cearcallan air fad air na cnagan, cluinnidh iad co-dhiù a dh’ fhosgail iad a’ cheist. Ma shoirbhicheas leotha, buannaichidh iad teadaidh, mura soirbhich, faodaidh iad cearcallan a thoirt far nan cnag agus feuchainn a-rithist.

Cruthan 3sh, ainmean agus buadhan
Tha cruthan 3sh eadar-dhealaichte aig an stàile. Thèid iarraidh air na sgoilearan cruth sònraichte a thaghadh. Togaidh an greimire an cruth a chaidh a thaghadh leis na sgoilearan. Mura h-e sin an cruth ceart, leigidh an greimire às e far an robh e an toiseach agus thèid iarraidh orra cruth eile a thaghadh.
Nuair a thaghas na sgoilearan an cruth ceart, togaidh an greimire an cruth sin agus leigidh e às e os cionn toll. Gheibh sgoilearan duais ma thaghas iad an cruth ceart air a’ chiad oidhirp, ach mura tagh, leanaidh iad orra gus an tagh iad an cruth ceart. Às dèidh 5 cruthan, thèid innse do na sgoilearan cia mheud duais a bhuannaich iad agus faodaidh iad cluich a-rithist air neo tilleadh dhan phrìomh chlàr.
‘S iad seo na cruthan:
Ciùb
Ciùbaid
Siolandair
Cruinne
Còn
Pioramaid
‘S iad seo na buadhan:
Cruth a roiligeas
Cruth a stacas
Cruth a shleamhnaicheas
Cruth air a bheil taobh dìreach
Cruth air a bheil taobh lùbte