Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Sgrìobhadh

Tidsear agus clann mu chuairt deasg

Ro-ràdh

B’ e na ceumannan a ghabh trì sgoiltean ann am meadhan na h-Alba, gus atharrachadh a dhèanamh anns an dòigh a bha iad a’ teagasg sgrìobhadh aig ìrean meadhan na Bun-sgoile fòcas na rannsachadh-cùise.  

Bha a’ mhòr chuid den chloinn ag ionnsachadh Gàidhlig mar dhàrna cànan ‘s mar sin bha feum air barrachd cuideam a bhith air èisteachd agus labhairt mus tòisicheadh iad air adhartas a dhèanamh ann an sgrìobhadh. 

B’ e amasan a’ phròiseact:
  • adhartas a bhith ann an sgilean labhairt na cloinne agus mar sin buaidh a bhith air an sgrìobhadh aca. 

  • barrachd structair a bhith anns an sgrìobhadh

  • cànan bheartach a thoirt dhan chloinn

  • sgilean cruthachaidh na cloinne a bhith air an leasachadh tro bhith ag obrachadh còmhla ri sgrìobhadair, sgeulaiche agus cleasaiche

  • luchd-teagaisg a’ co-obrachadh gus deagh eisimpleirean teagaisg a shealltainn anns gach sgoil 

  • co-obrachadh, smaointinn agus beachdachadh neo-eisimeileach air a thabhann don chloinn anns na cothroman ionnsachadh agus teagasg  

  • Prionnsabalan Measaidh airson ionnsachadh mar phàirt den ionnsachadh agus den teagasg

Duilleagan Beurla