
Blasad de Churraicealam airson Sàr-mhathais ‘s a chlas Gàidhlig leis a’ phroiseact Brògan, a cheangail sinn a-steach le cruinneachadh bhròg sa choimhearsnachd airson an t-iarrtas ‘ShoeBiz’ aig Blue Peter. Shoirbhich gu math dhuinn, agus chaidh 385 paidhir bhròg a chur air falbh gu Blue Peter.
A bharrachd air sin, tha na dealbhan a leanas a' sealltainn mar a ghabh na tidsearan an cothrom air iomadach seòrsa pròiseict a dhèanamh leis na sgoilearan - uile co-cheangailte ri brògan!
Rinn iad postairean airson an t-iarrtas 'ShoeBiz' a shanasachd dha na daoine sa sgìre.
Tha gu leòr chuspairean a’ tighinn a-staigh air a’ phròiseict seo – cànan, ceòl, matamataic, eachdraidh, na h-ealain, teicneòlas agus foghlam creideimh. Chaidh beachdachadh air brògan gu mionaideach!
Tha iad seo a' cruinneachadh faclan co-cheangailte ri brògan. Sheall iad cuideachd air mar a dhèanar brògan, diofar seòrsaichean bhrògan, brògan tro na lìntean, agus ciamar a tha na bùthan gan reic. Chan eil fhios agam an caithinn a' bhròig chrèadha ge tà...
Faicibh na pàtranan a rinn iad - eadar làrach nan cas agus làrach nam bròg.
Chuala iad mu dheidhinn A' Chailleach 's a' Bhròig agus cho tric 's a tha brògan air an ainmeachadh anns a' Bhiobull.
Rinn iad suas sgeulachdan cuideachd, aon mu dheidhinn Gòrdann Greannach. Dè dh'fhàg Gòrdan greannach? Uill, ciamar a gheibheadh e dhan phàrtaidh gun brògan - agus bha ochd a dhìth airsan!
Bheachdaich iad cò ris a bhiodh e coltach ann am brògan Beyonce.