Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

DARTS - ro-ràdh

Chaidh an sgeama DARTS a dhealbhachadh airson cuideachadh a thoirt do sgoilearan ann an clasaichean bogaidh, a chaidh an togail tro mheadhan na Beurla, le an sgilean ann an leughadh agus sgrìobhadh na Gàidhlig.

Bha cuid de na tidsearan a’ faireachadh gu robh feadhainn de na sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fo anacothrom a chionns gur e Beurla an cànan a bha iad a faighinn taobh a-muigh na sgoile.

Chaidh sgeama phìolatach a chur air bhonn eadar 2005/2006.  B' ann air clas P6/7 a bha an sgeama phìolatach a' cuimseachadh.  Bha tidsearan bho Sgoil a’ Bhac (na h-Eileanan Siar), Sgoil Naomh Chaluim Cille (An t-Òban), Sgoil Ghilcomstoun (Obair Dheathain), Sgoil Chondobhrait agus Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu comasach air pàirt a ghabhail ann an treànadh DARTS fo stiùir Ann Neil bho Oilthigh Srath Chluaidh. Dh’ullaich Ann Neil goireasan do na sgoilearan, treòireachadh do na tidsearan agus “Word Workout” stèidhichte air DARTS.

Tha an dòigh-dèiligidh a tha DARTS a’ gabhail ga dhèanamh comasach do na tidsearan sgilean sgrìobhaidh a sgrùdadh leis na clasaichean:

  • Togail air an eòlas a fhuaireas roimhe;

  • Ro-innleachd leughaidh a leasachadh;

  • Rannsachadh a dhèanamh air an adhbhar a thathar a sgrìobhadh agus a’ leughadh;

  • Brosnachadh gus cruinneachadh fiosrachaidh agus a’ gabhail notaichean;

  • Brosnachadh gus luachadh sgrùdach a dhèanamh air sgrìobhadh;

  • Feum a dhèanamh de ‘toiseach stòiridh’;

Tha pìosan bhidio an seo le freagairt air ais bho na seòmraichean-clas, na tidsearan agus na maighstirean-sgoile.

 

 

Bhidio DARTS

Camara bhidio
Beachdan bho na tidsearan agus bho na sgoilearan.