
Fàilte chun na duilleig-aghaidh airson CLÀS. An cois seo, gheibh thu fiosrachadh mu dheidhinn na buidhne agus nan amasan aice. Chì thu na daoine a tha air a' chomataidh agus mar a gheibh thu fiosrachadh mu dheidhinn ballrachd na buidhne a thoirt a-mach. Tha an duilleag seo cuideachd air-loidhne anns a' Bheurla agus dh'fhaodadh tu seo fhaicinn, ma bhriogas tu air a' cheangal air an taobh deas.
Chaidh aonta a ruighinn am measg thidsearan aig coinneamh, a bha air a cur air dòigh le CNAG ann an 2004, gun robh cruaidh fheum air buidheann phroifeiseanta de thidsearan a bhios a' saothrachadh às leth na Gàidhlig. Tha CLÀS (Comann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean) a' toirt thidsearan Gàidhlig nan Àrd-sgoiltean air feadh Alba còmhla ann am buidheann nàiseanta airson a' chiad uair. Tha ballrachd na buidhne fosgailte do thidsearan Gàidhlig agus do thidsearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Cuideachd, bidh co-bhallrachd fosgailte do neach, no do bhuidheann sam bith a tha a' toirt taic do dh'amasan a' Chomainn.