
Tha Measadh mar Ionnsachadh a’ coimhead air dearbhadh gu bheil an t-ionnsachadh soirbheachail. Seo pàirt den chearcall-measaidh far a bheil sgoilearan agus luchd-teagaisg a’ cur sìos amasan agus builean-ionnsachaidh agus na dh’fheumar a choileanadh gus soirbheachadh, agus a’ luachadh an ionnsachaidh tro chòmhradh, agus tro fèin-mheasadh agus co-mheasadh.
An sin, tha sgoilearan nas mothachaile air:
Dè tha iad ag ionnsachadh;
Ciamar a tha iad ag ionnsachadh;
Dè tha gan cuideachadh gus ionnsachadh.
Anns an dòigh seo, tha sgoilearan nas mothachaile air an dòigh anns a bheil iad ag ionnsachadh.
Tha seo gan cuideachadh gus cùram nas motha a ghabhail airson an ionnsachadh fhèin agus barrachd pàirt a ghabhail ann.
Gheibhear na beachdan seo air an taobh den triantan AifL a tha a’ buntainn ri Measadh mar Ionnsachadh.