Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Measadh AIRSON Ionnsachadh

An image of a smiling teenage girl

Tha Measadh airson ionnsachadh a’ coimhead air a’ bheàrn eadar an ìre aig a bheil an sgoilear na ionnsachadh agus far am bu chòir dha bhith – an ceann-uidhe.   Gabhaidh rudan mar a bhith a’ bruidhinn ris na sgoilearan mu shlat-tomhais, a bhith a’ cleachdadh ceasnachadh èifeachdach agus a’ toirt fiosrachadh cuideachail air ais, an cleachdadh gus seo a ruighinn.

 

Ionnsaichidh sgoilearan nas fheàrr …

  • Nuair a thuigeas iad gu soilleir dè tha iad a’ feuchainn ri ionnsachadh, agus de thathar a sùileachadh bhuapa;

  • Nuair a gheibh iad fiosrachadh air ais mu chàileachd na h-obrach aca agus dè ghabhas dèanamh gus piseach a thoirt orra;

  • Nuair a gheibh iad comhairle air mar a nì iad leasachaidhean;

  • Nuair a tha làn-chothrom aca fhèin a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean mun ath cheum agus cò bheir cuideachadh dhaibh ma bhios feum air.

Gheibhear na ‘beachdan mòra’ seo air an taobh den triantan AifL a tha a’ buntainn ri Measadh airson Ionnsachadh.

 

Rannsachadh-cùise

  • Sgoil a' Bhac
  • Bun-sgoil Inbhir Pheofharain