Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Measadh DE dh'Ionnsachadh

A close up of a relaxed young boy's face

Tha Measadh de dh’Ionnsachadh a’ ciallachadh gu bheil luchd-teagaisg, agus a’ choimhearsnachd a tha sàs ann am measadh, a’ coimhead air iomadh seòrsa fianais airson sùil a chumail air an adhartas a tha sgoilearan a’ dèanamh agus a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo ann an iomadh dòigh.

Feumaidh a’ bhreith a bheir luchd-teagaisg air ionnsachadh nan sgoilearan a bhith iomchaidh.  Tha seo a’ ciallachadh:

  • Gum feum i bhith seasmhach (stèidhichte air slatan-tomhais freagarrach);

  • Gum feum i bhith earbsach (stèidhichte air measadh cothromach);

  • Gum feum i bhith coimeasach (co-ionnan ri breith a gheibhear ann an roinnean agus ann an sgoiltean eile).

 

Rannsachadh-cùise

  • Sgoil a' Bhac
  • Bun-sgoil Inbhir Pheofharain