Measadh ann an Sgoil AifL
Tha an triantan AifL a' dealbhachadh a'cheangal eadar an clàr-teagaisg, Ionnsachadh agus teagasg, agus measadh. Bheir gach taobh den triantan barrachd fiosrachaidh mu:
Measadh AIRSON Ionnsachadh
'S ann airson cuideachadh a thoirt do dh'ionnsachadh agus teagasg anns a' chlas a tha measadh airson Ionnsachadh stèidhichte. Tha ceangal air a dhèanamh eadar measadh agus Ionnsachadh agus teagasg.
Prìomh smuaintean ann am Measadh airson Ionnsachadh:
- Tha ar measadh sa chlas a' gabhail a-steach eadar-obrachadh de chàileachd, stèidhichte air ceistean breithneachaidh, èisteachd cùramach agus freagairtean smaointeachail.
- Tha ar sgoilearan agus luchd-teagaisg cinnteach mu dè dh'fheumar ionnsachadh agus cò ris a bhiodh soirbheachadh coltach.
- Tha fiosrachadh air a thoirt air ais do ar sgoilearan agus luchd-teagaisg mu chàileachd na h-obrach aca agus ciamar a nì iad leasachadh air.
- Tha làn chom-pàirt aig ar sgoilearan agus luchd-teagaisg ann an a' co-dhùnadh nan ath cheuman san ionnsachadh aca agus a' comharrachadh cò as urrainn cuideachadh.
Measadh MAR Ionnsachadh
'S ann mu ionnsachadh mu dhòighean ionnsachaidh a tha measadh mar Ionnsachadh stèidhichte. Tha ceangal air a dhèanamh eadar teagasg agus an clàr-teagaisg.
Prìomh smuaintean ann am Measadh mar Ionnsachadh:
- Bidh ar sgoilearan agus luchd-teagaisg a' lorg dearbhadh air, agus a' meòrachadh air na tha iad air ionnsachadh.
- Bidh ar sgoilearan agus luchd-teagaisg a' cuideachadh a chur ri chèile an targaidean ionnsachaidh fhèin.
- Bidh ar sgoilearan agus luchd-teagaisg a' cleachdadh fèin-mheasadh agus measadh cho-aoisean.
Measadh DE DH'Ionnsachadh
'S ann mu fhiosrachadh a chruinneachadh 's a chur an cèill tha measadh de dh'Ionnsachadh. Tha e a' ceangal a' chlàr-teagaisg agus measadh.
Prìomh smuaintean ann am Measadh de dh'Ionnsachadh:
- Bidh luchd-teagaisg a' cleachdadh fiosrachadh measaidh gus sùil a chumail air ullachadh agus adhartas san sgoil aca, agus gus planadh airson leasachadh.
- Bidh còmhradh agus co-obrachadh eadar luchd-teagaisg gus ìrean eadar agus thar sgoiltean a cho-roinn.
- Bidh luchd-teagaisg a' cleachdadh diofar seòrsa dearbhaidh bho ghnìomhan làitheil gus sùil a chumail air adhartas sgoilearan.
Macromedia Flash Player
Dh'fheumadh Macromedia Flash Player a bhith air a' choimpiutair gus an dreach grafail den triantan fhaicinn. Is urrainnear am bathar bog seo a luchdachadh a nuas an asgaidh bho
làrach-lìn Macromedia.