RO-RÀDH


Anns an t-Samhainn 1987 chuir Rùnaire na Stàite an clò pàipear co-bhreithneachaidh Clàr-Teagaisg agus Measadh ann an Albainn, Poileasaidh airson na 90mhan, a shoilleirich feum airson:

stiùireadh soilleir air dè bu chòir clann a bhith ag ionnsachadh ann am bun-sgoiltean agus anns a’ chiad dà bhliadhna de dh’àrd-sgoiltean;

adhartas na cloinne bhith air a mheas nas fheàrr;

fiosrachadh nas fheàrr airson phàrantan mun chlàr teagaisg agus mar a chaidh leis an cuid chloinne.

An ceann greis de cho-bhreithneachadh, chaidh Buidhnean Sgrùdaidh agus Leasachaidh (BSL) a stèidheachadh fo sgèith na Comhairle Stiùiridh air a’ Chlàr-Teagaisg ann an Albainn a bheireadh comhairle air gach raon den chlàr-teagaisg. Rinn gach BSL sgrùdadh farsaing air dòighean teagaisg fhìor mhath a chum is gum b’urrainn daibh cur an cèill gu soilleir an t-eòlas, an tuigse, na sgilean agus na faireachdaidhean a bha bointinn ris gach raon; agus an sin comhairle a thairgsinn air mar a rachadh stiùireadh nàiseanta air a’ chlàr-teagaisg a dheasachadh a shoilleireachadh amasan oideachaidh, na bha ri ionnsachadh, mar a thigeadh piseach air ionnsachadh, agus mar a bhitheadh adhartas na cloinne air a sgrùdadh agus air a chlàradh.

Tha an stiùireadh airson Gàidhlig air a bhonntachadh air an aithisg aig Buidheann Sgrùdaidh agus Leasachadh 1 a chaidh fhoillseachadh mar phàipear breithneachaidh anns an Lùnastal 1991 (Pàipear Gnìomha 12); an dèidh greis co-bhreithneachaidh, tha Rùnaire na Stàite a-nis air cur roimhe an stiùireadh seo fhoillseachadh mar a chomhairle bheachdaichte air Gàidhlig 5-14.



[THEIRIG AIR AIS GU LÀRACH 5-14] [AIR AIS] [CLÀR INNSE] [AIR ADHART]

© Roinn Foghlaim Oifis na h-Alba, An t-Ogmhìos, 1992