| FACAL-TÒISICH
Mar a chleachdar an stiùireadh seo
Tha a' chomhairle a gheibhear anns an stiùireadh seo air
a stèidheachadh air obair mhaith a tha a' dol cheana ann
an dealbhachadh agus ann an deasachadh phoileasaidhean agus phrògraman
airson ionnsachadh agus teagasg na Gàidhlig ann an sgoiltean
na h-Albann.
Gheibhear a' Ghàidhlig anns na sgoiltean mar mheadhan
teagaisg agus mar dhàrna cànain. Thàtar a'
tairgse comhairle mun dà shuidheachadh sin. Tha an stiùireadh
seo air a chur a-mach ann an trì Pàirtean: tha Pàirt
1 a' tairgse comhairle mu chloinn a tha ann an clasaichean tro
mheadhan na Gàidhlig, no a tha fileanta sa Ghàidhlig
agus iad ann an sgoiltean dà-chànanach; tha Pàirt
2 a' tairgse comhairle mu chloinn a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig;
tha Pàirt 3 a’ tairgse comhairle a bhuineas do Phàirt
1 agus do Phàirt 2. Cuidichidh an stiùireadh ceannardan-sgoile
agus prìomh- thidsearan Gàidhlig gus breithneachadh
rianail a dhèanamh air na thàtar a’ cur air
adhart anns gach sgoil no roinn-sgoile, agus gus Prògraman
obrach atharrachadh agus a leasachadh a rèir ’s mar
a thàtar gan toirt mun aire. Tha còir gun cuidicheadh
seo gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ chlann air
fad a’ faighinn cothroim air prògram obrach a tha
ro-leantainneach agus òrdail agus a tha gan cur gu an dùbhlan,
ge b’e air bith dè an aois a tha iad, dè na
comasan a tha aca no dè an suidheachadh corparra no sòisealta
anns a bheil iad.
Aig fìor thoiseach an ath-bhreithneachaidh seo bidh pàipearan
poileasaidh na sgoile no na roinn-sgoile. Bidh iad seo air an
toirt gu ìre feadh grunnan bhliadhnachan, a'gabhail ealla
ri suidhichidhean, prìomh-amasan is goireasan na sgìre,
agus ri stiùireadh agus comhairle Ùghdarras an Fhoghlaim.
Bu chòir iad seo a-nis ath-bhreithneachadh ann an lorg
na Feallsanachd an dàrna cuid
airson meadhan na Gàidhlig no airson luchd-ionnsachaidh,
a tha a' toirt far comhair nan dòighean ionnsachaidh agus
teagaisg anns a' Ghàidhlig a tha air an toirt gu ìre
anns a' chuid eile den stiùireadh. Ged nach eil dùil
gum bi na dòighean-obrach a tha a' dol an-ceartuair gan
atharrachadh gu tur, 's dòcha gum bi diofar cudthruim air
nithean àraidh ann an raointean obrach sònraichte,
a chuireas feum air aire no air leasachadh sònraichte,
gus ruighinn air an t-seòrsa farsaingeachd agus co-chòrdaidh
a thàtar a' toirt mun aire.
Ma bhitheas ath-bhreithneachadh no atharrachadh ga dhèanamh
air poileasaidh, tha seo a' ciallachadh gum feumar Prògraman
no planaichean obrach cuideachd an ath-bhreithneachadh gu faiceallach.
Gus cuideachadh leis an seo, tha an stiùireadh a' toirt
far comhair nan nithean as cudromaiche a tha air an comharrachadh
anns an dà fheallsanachd mar àireamh de bhuilean
coileanaidh a bhithear a' stèidheachadh anns an
fharsaingeachd. Taobh a-staigh gach buile thàtar ag ainmeachadh
àireamh de dh'iallan no de roinnean ionnsachaidh anns am
bi a' chlann a' faotainn fiosrachaidh. A thaobh na morchodach
de dh'iallan airson clann a tha gan
oideachadh tro Ghàidhlig tha cuimsean
coileanaidh co-cheangailte riutha aig còig ìrean
coileanaidh (ged tha iomradh air cuid de dh'iallan aig nas lugha
na coig ìrean no ann an dòigh nas coitchinne). Air
cuimsean coileanaidh airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
tha iomradh aig tri ìrean.
Tha na cuimsean seo 'nan comharran air adhartas ann an ionnsachadh
taobh a-staigh na h-èille, gach cuimse ag iarraidh eòlais,
tuigse no sgilean nas iom-fhillte no nas ionnsaichte na bha an
tè a bha roimhpe. Ma nithear tomhas faiceallach air na
Prògraman a tha ann cheana, gan coimeas ris na tha sna
cuimsean, cuidichidh seo gus dèanamh cinnteach gu bheil
na nithean cudromach uile air an còmhdach a bhuineas don
Ghàidhlig; gu bheil adhartas reusanta don chloinn anns
na Prògraman o ìre gu ìre; agus gu bheil
sgaradh dòigheil anns an obair, gus obair a chur mu choinneamh
na cloinne a tha a rèir an cuid chomasan ach a tha cuideachd
gan cur gu dùbhlan gu leòr.
Bidh am freagarrachadh agus an leasachadh seo fo bhuaidh nan clàran
oideachaidh an dà chuid airson clann a tha gan oideachadh
tro Ghàidhlig agus airson luchd-ionnsachaidh. Tha an earrann
seo a' comharrachadh cuid de na dòighean anns am faodar
a dhol an sàs san rum-theagaisg anns na seòrsachan
ionnsachaidh air a bheilear a' dèanamh iomraidh, agus cuidichidh
i tidsearan gu bhith a' deasachadh an cuid teagaisg agus a' cur
rian air. A-rithist, a cheart cho dòcha gum bi na thàtar
a' tairgse cheana fhathast freagarrach; ach bidh buaidh aig na
thàtar a' toirt mun aire anns an earrainn seo air leudachadh
agus atharrachaidhean air an obair a tha a' dol-an ceartuair.
Tha gach sgoil agus gach roinn-sgoile gu ìre bhig eadar-dhealaichte
agus iad a' tairgse foghlaim do bhuidhnean eadar-dhealaichte de
chloinn. Bidh a' chomhairle ann am Pàirt 3, foghlam tro
Ghàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, na
cuideachadh do na tidsearan gus am Prògraman obrach ullachadh
a rèir feumalachdan gach pàiste fa leth agus bhuidhnean
sònraichte chloinne. Thàtar a' toirt comhairle seachad
an seo mu ionnsachadh agus teagasg air cloinn aig a bheil duilgheadasan
ionnsachaidh, agus air cloinn a dh'fheumas an cur gu an dùbhlan
seach na thàtar a' tairgse aig Ìre E, sin an ìre
choileanaidh as adhartaiche air a bheil iomradh anns a' phàipear
seo. Tha comhairle anns an earrainn seo cuideachd mu bhith a'
gabhail ealla ri iomadalachd sheòrsachan cànain
agus dualchais ann an clas cànain na Gàidhlig.
Tha an stiùireadh nàiseanta air measadh a' mìneachadh
mar as còir measadh a thoirt air adhart mar làn
phàirt de dh'ionnsachadh agus de theagasg anns a' chlas,
agus 's ann às a thig a' mhòrchuid de chomhairle
agus de thaice do sgoiltean a thaobh an cuid phoileasaidhean measaidh
fhèin a thoirt air adhart an co-cheangal ris a' phrògram
leasachaidh airson a' chlàir-theagaisg aig 5-14. Tha Pàirt
3 a' tairgse àireamh chomharran-iùil air a' Ghàidhlig
anns a' chlàr-theagaisg. An cois an stiùiridh eadar-dhealaichte
air measadh, cuidichidh an earrann seo sgoiltean agus roinnean-sgoile
gus na poileasaidhean measaidh a tha aca cheana ath-bhreithneachadh
agus a thoirt air adhart agus gus dòighean measaidh a shnìomh
a-steach ann am Prògraman a' chlas gus fìor thaice
thoirt do dh'ionnsachadh agus gus na h-ath cheumannan a chomharrachadh
do phàistean fa leth.
Tha Pàirt 3 den stiùireadh a' beachdachadh air grunn
de chùisean sònraichte a bhuineas don Ghàidhlig
anns a' chlàr-theagaisg - nithean mu bheil tidsearan gu
tric a' nochdadh mì-chinnt. Tha còir gun cuidicheadh
a' chomhairle agus na bun-bheachdan anns an earrainn seo ann a
bhith a' freagairt ceistean thidsearan agus a' cur ri am misneachd
ann a bhith a' cur aghaidh air na cùisean sin mar làn
phàirt de dh'ionnsachadh agus de theagasg anns a' chlas.
|