PÀIRT 1

Foghlam tro Ghàidhlig agus Gàidhlig do dh'Fhileantaich

Earrann 1

FEALLSANACHD


Cànain agus coimhearsnachd


'S i a' Ghàidhlig aon de dh'àireamh mhòr mhion-chànanan na h-Eòrpa a tha a' tighinn beò làmh ri cànanan a tha nas treise na iad, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha a' Ghàidhlig na làn phàirt de dhòigh-beatha agus de dhualchas na h-Alba, agus sin a' dol am meud. Tha i na cànain choimhearsnachd ann am badan den Ghàidhealtachd agus de na h-Eileanan, ach 's ann am badan eile de dh'Albainn a tha dàrna leth sluagh na Gàidhlig. Tha a' Ghàidhlig beò an-ceartuair ann an coimhearsnachdan:

far a bheilear ga cleachdadh gu minig le daoine de gach aois anns gach seòrsa de cho-luadar làitheil;

far an robh i 'na cànain làitheil o chionn ghoirid ach far a bheil i a-nis air a labhairt anns a' mhòr-earrainn leis an fheadhainn as sine anns a' choimhearsnachd;

far a bheilear ga labhairt ann an teaghlaichean no le daoine fa leth, gu h-àraidh sna bailtean mòra, a tha math dh'fhaoidte ann an dàimh ri daoine no ri teaghlaichean eile tro cheanglaichean sgapte.

Aig ìre nàiseanta tha cànain agus cultar na Gàidhlig air a bhith a' mealtainn fàis o chionn ghoirid anns na h-ealain, anns na meadhanan agus ann am foghlam: mar eisimpleir air seo tha barrachd ùidh ga gabhail ann an litreachas, ann an ceòl agus anns na h-ealain chleas, agus barrachd cothroim ga fhaighinn orra; agus tha leudachadh air a thighinn air craoladh agus air cròileagain. Tha pàrantan cuideachd a' cur taice, le roghainn agus dealas, ris na h-iomairtean a tha a' dol. Tha leasaichidhean den t-seòrsa seo air a bhith ann an dlùth dhàimh ri tuigse gu bheil leasachadh cànain is cultair ann an ceangal dlùth is daingeann ri cùisean eaconamach.

Mar sin dheth, tha luchd-gnothaich agus luchd-gnìomhachais air a thighinn gu bhith a' cur luach air a' Ghàidhlig air sgàth na dh'fhaodas i a thoirt gu ìre ann an cùisean eaconamach. Ann am malairt anns an fharsaingeachd thàtar a' sìor thuigsinn gur nì feumail e ann an rianachd agus ann an conaltradh comas a bhith aig luchd-obrach Gàidhlig a chleachdadh. Air na h-adhbhair sin bidh e mar uallach air luchd-oideachaidh clann aig a bheil Gàidhlig uidheamachadh leis na sgilean a dh'fheumas iad gus cothrom a ghabhail air na cothroman cosnaidh a tha ri am faotainn gu h-ionadail agus gu nàiseanta, agus iad sin a' dol am meud.

Ann a leithid sin de shuidheachadh sluagh-eaconamach tha ceangal dlùth eadar cothrom fàis don Ghàidhlig mar chànain bheò agus na tha riatanach do dh'fhoghlam na Gàidhlig o thoiseach gnothaich.


Cànain agus foghlam


Tha a' chànain ann an teis meadhan ionnsachadh chloinne. Is ann tro chànain a tha iad a' faotainn eòlais agus a' togail sgilean. Tha cànain a' toirt comais do chloinn an dà chuid conaltradh cothromach a dhèanamh ri daoine eile airson caochladh adhbhar, agus sgrùdadh a dhèanamh air na tha iad fhèin agus càch a' fiosrachadh, a' faireachdainn agus a' smaoineachadh. Tha i cuideachd a' cur rian air na nithean sin agus a' toirt brìgh asta. A chionn 's gu bheil cànain ann an teis meadhan fàs chloinne a thaobh tuigse, faireachdainn agus conaltraidh shòisealta, tha àite do-sheachnaichte aice feadh a' chlàir-theagaisg agus tha i a' cuideachadh le ionnsachadh chloinne a dhèanamh cunbhalach agus adhartach.



[THEIRIG AIR AIS GU LÀRACH 5-14] [AIR AIS] [CLÀR INNSE] [AIR ADHART ]

© Roinn Foghlaim Oifis na h-Alba, An t-Ogmhìos, 1992