Telephone 031-244 4433
Fax 031-244 4785

Cuairtlitir Roinn Foghlaim Oifis na h-Albann a chuireadh a-mach san Ògmhios 1993 gus a sgaoileadh còmhla ris an stiùireadh seo

Cuairtlitir Àir. 3/93

   
Ceannard Comhairle Roinne no Eileanan   An t-Ògmhios 1993
     

 

A charaid

STIÙIREADH AIR GÀIDHLIG 5-14

Tha a' Chuairtlitir seo a' toirt stiùiridh bho Rùnaire na Stàite gu ùghdarrasan foghlaim agus gu sgoiltean mu dheidhinn teagasg na Gàidhlig do sgoilearan aois 5-14. Ann a bhith a' deasachadh an stiùiridh thugadh an aire do na freagairtean a fhuaras ri Pàipear Gnìomha Roinn Foghlaim Oifis na h- Albann Àìreamh 12: Ghàidhlig, a chuireadh a-mach san Dubhlachd 1992. Thuirt am Pàipear Gnìomha gum biodh fàilte air beachdan agus tha Rùnaire na Stàite buidheach do na h-uile a thog an cuireadh sin. Mar chaidh a ghealltainn nuair dh'fhoillsicheadh am Pàipear Gnìomha, tha an stiùireadh ga chur an cèill anns a' Ghàidhlig cho math ris a' Bheurla.

Tha Rùnaire na Stàite a' creidsinn gur e tha anns an stiùireadh seo sgeama ciallach agus adhartach airson teagasg na Gàidhlig agus airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e a' moladh an stiùiridh dhuibh agus tha e a' toirt cuiridh do dh'ùghdarrasan foghlaim agus do sgoiltean a chleachdadh mar bhonn-stèidh a' Phrograim Fhoghlaim Ghàidhlig aca bhon t-seisean làthaireil 1993/94.

Bu chòir ceist sam bith mun stiùireadh a chur gu Mgr M G Wright (Fon 031-244 4433) aig an t- seòladh shuas.

Is mise, le meas

 

A' BhPh N S ROTHACH

 

cc Stiùiriche an Fhoghlaim agus Stiùiriche an lonmhais

EAM00202.122



[THEIRIG AIR AIS GU LÀRACH 5-14] [CLÀR INNSE]

© Roinn Foghlaim Oifis na h-Alba, An t-Ogmhìos, 1992